Clàr, 2008. 204 duilleag.
Bho monaidhean Leòdhais gu tràighean Tahiti gu prìosan ann an Lunnainn. Tha an sgeulachd bheothail seo a’ leantainn seòladair à Leòdhas a chaidh a thoirt air falbh leis a’ Phress Gang na bhalach agus a bha air bòrd HMS Bounty nuair a thionndaidh an sgioba an aghaidh Captain Bligh ann an 1789.
Tha Iain F. MacLeòid air an sgeulachd fhìor seo a chur ri chèile mar gum b’ e an seòladair fhèin a tha ga h-innse. Tha an aithris sìmplidh agus siùbhlach mar gum biodh e dìreach a’ bruidhinn rinn.
Tha Am Bounty a’ toirt beò dhuinn gach ceum den t-slighe fhada agus chunnartach air an deach an seòladair. An togail a fhuair e ann an Steòrnabhagh, socair gu leòr an toiseach gus an do chaill an teaghlach an dachaigh. A bheatha air bòrd bàta Nèibhidh, cruaidh is cunnartach, ach rianail. Malairt, mìorbhailean agus gaol ann an Tahiti - agus sonas airson greis. Ach … an uair sin?
Mas toigh leat sgeulachd bheothail air a deagh innse, seo agad i!
Related Products
Tagaichean: Ficsean, Ur-Sgeul, Ficsean Eachdraidheil, Leodhas, Seoladh