CLÀR, 2019. 391 duilleag
'S e Còig Duilleagan na Seamraig nobhail phoilitigeach de ghnè a tha gann ann an litreachas na Gàidhlig. Tha an stòiridh, a tha a’ gluasad eadar a’ Ghàidhealtachd, Èirinn, Lunnainn agus Paris, a’ gabhail a-steach thachartasan mòra o chionn ceud bliadhna co-cheangailte ri Dòmhnall MacCoinnich à Geàrrloch a tha na oifigear-dìon agus tosgaire dìomhair do Dhaibhidh Lloyd George, am fear-poilitigs as cumhachdaiche a th’ ann.
Tha adhbhar saorsa na h-Èireann a’ greimeachadh air cogais Dhòmhnaill agus tha a dhìlseachd do dh’Ìmpireachd Bhreatainn a’ tighinn fo dheuchainn mhòr. Fillte am measg a h-uile càil, tha an strì airson chòraichean bhòtaidh do bhoireannaich agus falachd nimheil o òige a tha a’ leantainn Dhòmhnaill fad a bheatha. Tha an fhìrinn, dìlseachd agus gràdh a’ tighinn fo impidh ann an dràma a tha a’ ruith eadar 1896 agus 1922 ach aig a bheil mac-talla ann an saoghal an latha an-diugh.
Còig Duilleagan na Seamraig
- Le: Ruairidh MacIlleathain
- Còd a' bhathar: 9781900901994
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£9.99
Related Products
Tagaichean: Ficsean, Ficsean eachdraidheil