Clàr, 2010. 71 duilleag.
Cruinneachadh sgeulachdan de gach seòrsa is cuspair. Tha cuid aca èibhinn, aotrom, cuid blàth-chridheach, socair agus cuid eile dorcha, ach le dàimh aig cridhe gach te: an dàimh eadar caraidean, eadar seanmhair is ogha, eadar màthair is an leanabh na broinn. Tha na suidheachaidhean àbhaisteach - caraidean a' gabhail srùpag còmhla no dithis air splaoid oidhche Hoine mar eisimpleir - ach thig buil asta a chuireas iongnadh agus fiù clisgeadh oirnn nach dìochuimhnich sinn ann an cabhag.
Tha liut air leth aig an sgrìobhaiche seo air ceist fhaicinn tro shùilean iomadh neach - an cealgair agus an gealtaire nam measg - agus ged nach leig sinn a leas aontachadh ris na gnìomhan aca, tuigidh sinn dè tha a' toirt orra dèanamh mar a nì iad. Chìthear laigse san duine làidir agus neart anns an duine lag; lorgar gaol nuair a tha dòchas air chall agus dòchas far an deach gaol a mhùchadh.
Tha a' chainnte sìmplidh, an guth-aithris soilleir, làidir agus brìgh gach sgeòil a' gluasad cridhe, a' brosnachadh inntinn agus a' togail cheistean tuigseach, smaoineachail air na nithean bunasach a tha gar cumail a' dol agus gar cumail còmhla.
Leugh lèirmheas air an leabhar seo le Aonghas MacNeacail bho The Scottish Review of Books
A' Ghlainne agus Sgeulachdan Eile
- Le: Màiri E. NicLeòid
- Còd a' bhathar: 9781900901406
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£6.99
Related Products
An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile
Clar, 2009. 254 duilleag. (Còmhdach cruaidh.) Aon sgeulachd gh..
£16.00
An Nathair le Dà Shùil Dhearg
Acair, 2018. 210 duilleag Tha Mairead airson droch phòsadh a c..
£11.99
Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Sgeulachdan goirid, Abhachdas,