A' Chòmhdhail Cheilteach (Gàidhealtachd), 1998. 114 duilleag
B'e Buidheann na Gàidhealtachd den Chòmhdhail Cheiltich a chuir an cruinneachadh seo ri chèile - chaidh iad an sàs anns an obair an dèidh aon de na Co-chruinnichidhean Eadar-nàiseanta aca a bhith beachdachadh air a' chuspair "Saoghal nan Ceilteach agus a' Mhuir." Is e raon mòr, farsaing a tha seo agus chan eil anns an taghadh seo ach blasad beag de na tha de stuth luachmhor co-cheangailte ris a' chuspair ri fhaighinn ann an iomadh ceàrnaidh den dùthaich.
Thathar an dòchas gum faigh leughadairean de gach aois tlachd agus misneachd às an taghadh seo à beul-aithris, eadar eachdraidh, sgeulachdan, duain, seann-fhaclan, cleachdaidhean agus geasagan, agus gum bi na sgeulachdan nan adhbhar brosnachaidh do chàch gu bhith a' sireadh an tuilleadh eachdraidh co-cheangailte ris a' mhuir às na sgìrean aca fhèin.
Dualchas Mara / Sea Heritage
- Còd a' bhathar: 0953296407
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£3.00