A' Chòmhadail Cheilteach (Gàidhealtachd), 2004. 138 duilleag.
'S e cruinneachadh a tha seo dhe na h-òraidean beaga grinne a dh'ullaich Ailean T MacLeòid nach maireann gus an craoladh anns an t-streth "Smuain na Maidne" air Radio nan Gàidheal. Bha ùidh mhòr aig Ailean ann an iomadh chuspair, eadar àiteachas, gàirneilearachd, maraireachd, litreachas, ceòl agus cànan is beul-aithris nan Gàidheal. Tha seo a' tighinn am follais gu soilleir anns na h-òraidean aige, agus sin ann an dlùth dhàimh ris a' chreideamh làidir a bha cho aithnichte na nàdar agus na chaitheamh-beatha fhèin. Dh'fhàg e againn an seo deagh eisimpleir as fhiach a leantainn.
Related Products
Tagaichean: Smuaintean Ailein