Clò Ghille Mhoire, 2013. 170 duilleag.
Rugadh Crìsdean MacIlleBhàin ann an Glaschu ann an 1952, agus is e seo an còigeamh cruinneachadh dhàintean leis. Tha e ainmeil cuideachd mar sgrìobhadair nobhailean sa Bheurla, agus mar eadar-theangar bàrdachd bho ghrunnan chànan Eòrpach gus a' Bheurla is gus a' Ghàidhlig.
Tha an leabhar a' gabhail a-steach dàintean a sgrìobh MacIlleBhàin bho 1987 gu 1999, nach deach a chruinneachadh thuige seo, còmhla ri dàintean ùra a sgrìobh e bho 2004 gu 2007, a' chuid as motha dhiubh ann am Budapest na h-Ungaire, far an deach e a dh'fhuireachd ann an 2005. Is e Michel Byrne (Oilthigh Ghlaschu) a chuir na dàintean fo eagar. Tha aiste ghoirid bho Niall O'Gallagher mu bhàrdachd MhicIlleBhàin aig deireadh an leabhair.
Related Products
Ceum air Cheum / Step by Step
Acair Ltd, 2019. 213 duilleag. Cruinneachadh de dhàintean nas ..
£12.95
Tagaichean: An Daolag Shionach