Clàr, 2011. 360 duilleag.
Nuair a bha e a' tionndadh làmh an dorais, dh'fhairich e rud mar gum b' e crith na chorp, a dh'inns dha gur dòcha nach ann na aonar a bha e. Dh'fhan e mionaid, feuch an cluinneadh e anail ga tarraing.
'Halò,' dh'èigh e, is chùm e roimhe tron doras is stad e a-rithist am broinn an taighe a' mion-èisteachd ris an t-sàmhchair. 'N e ainm-sa a bha e a' cluinntinn ga sheinn? 'Aonghas,' uair is uair eile.
Cò nach iarraidh beatha Aonghais? Boireannach brèagha, gaolach ri thaobh, deagh chliù is urram na dhreuchd, soirbheachadh mar sheinneadair Gàidhlig air thoiseach air.
Monika: tarraingeach is foghlaimichte, air tighinn às a' Phòlainn airson beatha ùr a dhèanamh dhi fhèin ann an Alba.
Ach, chan eil cùisean mar bu chòir aig aon seach aon dhiubh.
Anns an treas nobhail aige, tha Màrtainn Mac an t-Saoir a' tarraing Aonghas is Monika còmhla ann an saoghal làn charactaran dealbhach, beothail agus tachartasan a tha uaireannan èibhinn is uaireannan eagallach, ach an-còmhnaidh drùidhteachd. Sgrìobhadh a tha na spreigeadh don inntinn agus na thoileachas don spiorad.
Related Products
Gymnippers Diciadain - Leabhar & DVD
Clàr, 2006. 350 duilleag. Bha an leabhar seo air geàrr-lios..
£18.99