Clàr, 2013. 164 duilleag.
Measgachadh de sgeulachdan air caochladh chuspairean.
'S ann am Barrapol an Tiriodh a chaidh Niall M. Brownlie a thogail, ann an dachaigh 's an coimhearsnachd far an robh a' chànan 's an dualchas air leth làidir. Bhiodh sgeulachdan à beul-aithris rin cluinntinn gu tric bho a mhàthair agus bho dhaoine a thigeadh a chèilidh air oidhcheannan geamhraidh.
Leis an spèis a bh' aige dha a chiad chànan 's dhan dualchas, chaidh Niall a ghluasad gu sgeulachdan a chruthachadh. Bhiodh e ri bàrdachd cuideachd, agus thòisich e ri òrain agus rosg a chur còmhla. Nochd trì leabhraichean bhuaithe mar-thà, Bailtean is Ath-Ghairmean, A' Chlàrsach Ùr agus Meòrachadh.
Tha raon farsaing san dà sgeulachd dheug sa chruinneachadh seo gar toirt bho thachartasan sna seann linntean gu suidhichidhean doirbh, cunnartach an latha 'n-diugh ann an àiteachan mar Etiòpia, an Fhraing an àm a' chogaidh agus eile. Mar tha Niall fhèin ag ràdh, 'ha na cuspairean a thagh mi a' treabhadh iomadh iomaire' agus tha e 'an dòchas gum bi sgeulachdan san trusadh a chòrdas ris an leughadairean'. Tha sinn glè chinnteach gum bi.
Related Products
Tagaichean: Ficsean, Sgeulachdan goirid, Tiriodh