Clàr, 2010. 124 duilleag.
Inbhis Nis. Na h-ochadan. Prìomh bhaile na Gàidhealtachd, chanadh cuid. 'S ann an sin a thàinig Iain Murchadh MacLeòid a dh'obair do bhuidheann leasachaidh. An toiseach cha robh an obair a' còrdadh ris - gus an latha a thòisich e a' falbh le Lili. An-diugh, tha e aig mullach a shòlais agus e air an t-slighe dhachaigh thuice agus deireadh seachdain thaitneach air thoiseach orra.
Ach, tha beatha shona Iain Mhurchaidh dol a dh'atharrachadh gu tur. Chan e mhàin gu bheil a shaoghal ga thilgeil bun-os-cionn ach tha e fhèin a' tighinn fo amharas eucoir. Dè an ceangal a th' aig an neach-leighis Jane Harthill ris an eucoir no, gu dearbh, aig Raghnall Crombie, ceannard na buidhne dha bheil e ag obair?
Ann a bhith a' feuchdainn ris na tha a' tachairt dha a thuigsinn feumaidh e a h-uile càil às an robh e cinnteach roimhe a cheasnachadh, fiù inntinn fhèin. Tha an leabhar seo a' togail cheistean cudromach mun dòigh-beatha a th' againn san latha an-diugh: mun àrainneachd agus mun t-saoghal mun cuairt oirnn, agus cho prìseal 's a tha e.
Leugh lèirmheasan air an leabhar seo bho The Scottish Review of Books (Beurla) agus The Scotsman (Gàidhlig)
Related Products
Taghadh de Sgeulachdan Inspeactair Rebus
Grace Note Publications, 2014. 201 duilleag. Eadar-thean..
£9.95
Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Eucoir, Diomhaireachd, Inbhir Nis,