Clàr, 2013. 246 duilleag.
Seo an dàrna cruinneachadh sgeulachdan leis an t-sàr sgrìobhadair Donnchadh MacGillIosa. Tha Dòmhnall Iain, a choinnich sinn sa chiad chruinneachadh, Tocasaid 'Ain Tuirc, a' nochadh a-rithist, trang le planaichean mòra, feallsanachd, bàrdachd, trod is àbhachdas ach is iomadh caractar dealbhach, iongantach eile a nochdas a tha gar stiùireadh gu faireachdainnean domhainn air nàdar nan ceanglaichean a th' againn ris an t-saoghal agus na daoine mun cuairt oirnn. Tha liut air leth aig an sgrìobhadair seo air beatha nan caractaran aige, sean is òg, fireann is boireann a thoirt am follais, a' mìneachadh miann an leanaibh bhig leis an aon cho-fhaireachdainn 's a thuigeas e inntinn na caillich a' tighinn gu deireadh an là.
Leabhar a tha freumhaichte ann an rèasg Eilean Leòdhais ach a bhuineas rinn uile ge bith co às a tha sinn. Sgrìobhadh innleachdach a ghabhas a leughadh is ath-leughadh le annasan ùra a' tighinn am bàrr gach uair.
Leugh lèirmheasan air an leabhar seo le Iain MacLeòid (Beurla) agus bho The Herald (Beurla)
Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile
- Le: Donnchadh MacGillIosa
- Còd a' bhathar: 9781900901543
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£9.99
Related Products
Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar-èisteachd
Clàr, 2004. Cruinneachadh sgeulachdan a th' againn an seo,..
£10.00
Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar & CD
Clàr, 2004. 144 duilleag. Cruinneachadh sgeulachdan a th' aga..
£18.99
An Còta Dathach agus Deich Sgeulachdan Eile
CLÀR, 2018. 118 duilleag Seo an treas cruinneachadh de sgeulac..
£9.99
Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Leodhas, Abhachdas, Sgeulachdan goirid