Air Cuan Dubh Drilseach

Clàr, 2013. 223 duilleag.

Bha a chorp co-ionann ri corp daonna ach bha a chraiceann na mhìobhail, air a dhèanamh à stuth a bha lainnireach agus mìn, coltach ri meatailt ach cho sùbailte ri sìoda, gun phreas neo liorc, agus a ghluais mar shruthadh uisge neo mar airgead-beò.

Anns a' chiad nobhail aige tha Tim Armstrong gar stiùireadh gu h-ealanta tro chuan dubh, drilseach a mhac-meanmainn bheothail far a bheil creutairean glè choltach rinn fhìn, agus gu leòr a tha eu-coltach - agus eagallach - a' strì ri chèile; cuid airson ceartas agus cuid airson càch a chumail fo chuing. Am measg na tha seo tha Sàl agus Riosa a' gabhail turas làn àbhachdais, aramach, cunnairt... agus ceòl.

'S e sgeulachd dhànan, spòrsail a tha seo, ach tè a thogas ceistean mòra cuideachd: mu bheusan, mu phoileataics agus mu theicneòlas, agus aig deireadh na cùise, ceistean mu nàdar a' chinne-daonna fhèin - cò sinne agus dè bhios an dàn dhuinn sna linntean ri teachd?

**Choisinn an leabhar seo duais Ciad Leabhar na Bliadhna bho Chomann Crois na Brataich ann an 2013. **

Leugh lèirmheasan air GoodReads

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Air Cuan Dubh Drilseach

  • Le: Tim Armstrong
  • Còd a' bhathar: 9781900901741
  • Ri làimh: Sa bhùth
  • £9.99


Related Products

Feur Buidhe an t-Samhraidh

Feur Buidhe an t-Samhraidh

Sandstone Press, 2014.  73 duilleag. B' e seo an coth..

£7.99

STEALL 01

STEALL 01

CLÀR, 2016. 152 duilleag Iris litreachais ùr le sgrìobha..

£8.00

STEALL 02

STEALL 02

CLÀR, 2017, 159 duilleagAnn an STEALL 02:Sgeulachdan Ùra le Iain ..

£9.99

An Taistealach

An Taistealach

Sandstone Press, 2017. 67 duilleagIs e an Taistealach an tè mu dh..

£7.99

Tagaichean: Ficsean, Ficsean Saidheansail

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: