Steall à Iomadh Lòn

Clàr, 2011. 393 duilleag.

Chuir Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain seachad làithean òige anns na Hearadh agus an Uibhist a Tuath. An dèidh sin thòisich e, mar a chanas e fhèin, a’ siubhal nan seachd sitigean.
Nuair a cheumnaich e ann an Oilthigh Dhùn Èideann agus Colaiste Chnoc Iòrdan thill e a dh’Uibhist a theagasg sgoile. Às a sin chaidh e gu Roinn na Gàidhlig anns a’ BhBC. O chionn dà fhichead bliadhna chaidh e air imrich a Chanada agus thug an obair a bha aige an sin, mar chonaltraiche corporra, air an fhalbhan e gu caochladh dhùthchannan.
An dèidh còig bliadhna fichead anns a’ ghnìomhachas niùclasach thill e a dh’Alba a dh’obair do Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Nuair a leig e dheth an dreuchd sin dhragh a bhean air taod e air ais a Cheap Breatann. Chan e gu robh e ’g iarraidh mòran coiteachaidh oir bha e meas an eilein sin mar An Innis Àigh anns an robh e son tuilleadh ùine a chaitheamh. Tha e fuireach air bruaich Abhainn Mira, far an do thuinich iomadh Uibhisteach eile.

Anns an leabhar seo tha e toirt iomraidh air eachdraidh a bheatha ach cuideachd air an dualchas, an eachdraidh agus an àrainneachd a chuir cruth air a smuaintean agus a ghiùlan.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Steall à Iomadh Lòn

  • £9.99


Tagaichean: Steall a Iomadh Lon

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: