Iain Mac a' Ghobhainn: A' Bhàrdachd Ghàidhlig

Acair, 2013. 391 duilleag.

A' Bhàrdachd Ghàidhlig aig Iain Mac a' Ghobhainn.

Bha Iain Mac a' Ghobhainn an sàs ann an grunn ghnèithean sgrìobhaidh anns an dà chànan - bàrdachd, rosg, dealbh-chluichean, aistidhean, fèin-eachdraichd is sgeulachdan do chloinn - is thug e a-mach fichead leabhar Gàidhlig. Ach b' ann mar bhàrd a chuireadh eòlas air an toiseach, agus is iongantach mura h-ann mar bhàrd as fheàrr a tha cuimhne air. Agus rinn e mòran de bhàrdachd Ghàidhlig, bho na nochd ann am Bùrn is Aran (1960) gus na dàin a bha san leabhar mu dheireadh, An t-Eilean agus an Cànan (1987). Bha còig leabhraichean ann uile-gu-lèir anns an robh bàrdachd, ach nochd tuilleadh ann an irisean is eile nach deach a chruinneachadh ann an leabhar.

A-nis, tha Moray Watson air na bh' ann air fad a thrusadh gu dìcheallach is air a thoirt cruinn còmhla san leabhar phrìseil seo, ach chan e sin a-mhàin: tha e cuideachd air mòran fiosrachaidh mun bhàrd is mun dòigh-sgrìobhaidh is mun dòigh-smaoineachaidh aige a thoirt dhuinn, eadar an Ro-ràdh aig toiseach an leabhair is na notaichean mionaideach aig an deireadh. Tha cothrom ann a-nis saothair Iain Mhic a' Ghobhainn san raon seo a mhealtainn is a mheas ann an cruth air leth tarraingeach is càilear.

Tha an t-Oll. Moray Watson na Àrd-Òraidiche ann an Roinn Ghàidhlig Oilthigh Obar Dheathain. Bha spèis mhòr a-riamh aige do sgrìobhadh Mhic a' Ghobhainn, agus thug e a-mach PhD air a' chuspair sin ann an 2002. Tha leabhraichean eile leis, The Edinburgh Companion to the Gaelic Language (2010), agus An Introduction to Gaelic Fiction (2011), a' toirt seachad barrachd fiosrachaidh mun litreachas san fharsaingeachd agus mun t-saoghal anns an robh Mac a' Ghobhainn a' sgrìobhadh. 'S e eadar-theangair a tha san Oll. Watson cuideachd: an-dràsta, tha e a' cur Gàidhlig air The Hobbit, agus nochd Eachdraidh Ealasaid ann an Tìr nan Iongantas (eadar-theangachadh air Alice's Adventures in Wonderland) aig deireadh 2012.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Iain Mac a' Ghobhainn: A' Bhàrdachd Ghàidhlig

  • £15.00


Related Products

Am Miseanaraidh

Am Miseanaraidh

Clàr, 2006. 68 duilleag. Tha ministear a' dol a thìr chèi..

£6.00

Na Speuclairean Dubha

Na Speuclairean Dubha

Gairm, 1989. 59 duilleag. Dè seòrsa fear a bh'ann? Carson..

£2.50 £4.95

Na Guthan

Na Guthan

Gairm, 1991. 88 duilleag. Tha sinn a' cluintinn iomadach ..

£2.50 £3.00

Am Miseanaraidh - Leabhar & CD

Am Miseanaraidh - Leabhar & CD

Clàr, 2006. 68 duilleag / CD Tha ministear a' dol a thìr ..

£6.00 £14.00

Tagaichean: Iain Mac a' Ghobhainn: A' Bhardachd Ghaidhlig

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: