Clò Loch Abair, 1996. 127 duilleag.
Saoghal an telebhisean - saoghal ur dha na Gaidheil. Agus 's dòcha gu robh feum air sgrìobhadh air modh ùr airson luaidh a thoirt air. Sin a th' againn san nobhail seo - naidheachd sheang, aotrom a tha a' gluasad gu sgiobalta, is i làn de dh'fhealla-dhà aoireil.
'S dòcha gu bheil an saoghal innte ùr, ach tha nàdar na muinntir a tha ga thathaich mar a bha nàdar an duine riamh...a dh'aindeoin iad a bhith a' cur an ainm ri cùmhnantan.