Gairm, 1991. 89 duilleag.

`S e Sgeulachdan an t-Saoghail an t-ainm a bh' air a' chruinneachadh seo an toiseach, agus tha na sgeulachdan gun teagamh a' bualadh air grunn math de cheàrnaidhean. Tha dhà dhiubh a' tighinn à Alba (le Lewis Grassic Gibbon is Neil Munro), aon, no `s dòcha aon gu leth, à Èirinn, oir tha sgeulachd aig Borges air a suidheachadh ann an Èirinn, ged a bhuineadh Borges do Bhuenos Aires. Rugadh Isaac Bashevis Singer anns a' Phòlainn, ged a chuir e seachad mòran de a bheatha ann an Ameireagaidh. `S e Ameireaganaich Eòrpach a bh' ann an Damon Runyon agus ann am Bernard Malamud. Ach ged a tha pàirt de na sgeulachdan mu dhaoine a chaidh an togail le creudan glè eadar-dhealaichte, chì sinn iomadach ceangal eadar na dòighean-smaoineachaidh acasan agus pàirt de dhòighean nan Gàidheal.
`S e dithis Leòdhasach Lunnainneach a rinn na h-eadar-theangachaidhean: Calum Greum às an Rubha is Donnchadh MacIllIosa à Nis. Tha iad a' gleidheil blas làidir na Gàidhlig aca fhèin, agus aig an aon àm a' toirt dhuinn, ann an dòigh glè dhrùidhteach, blas nan ùghdaran measgaichte a thagh iad. Còrdaidh Thall `s A-Bhos ri duine sam bith aig a bheil ùidh ann an sgeulachdan.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Thall `s A-Bhos

  • £2.00


Tagaichean: Thall `s A-Bhos