Gormshuil an Rìgh

Clàr, 2010. 153 duilleag.

An Adabroc ann an Nis, bha seann nighean air an robh Gormshuil an Rìgh. Bha i dall agus i a' còmhnaidh ann am bothag ann an doca-mhorghain an oir an rathaid. Bha iad air an lot a chall ann am fiachan, `s air a dithis bhràithrean a chall anns a' Chiad Chogadh, agus `s iad balaich a' bhaile a bh'air a' bhothag a thogail dhi. Thughadh iad i `s bha i aca na taigh-cèilidh gus na thog iad a' chiad bhothan dhaib' fhèin a-muigh am baile. Gus mòine a thoirt a-steach bhiodh Gormshuil a' ceangal siaman-Theàrlaich eadar sneic doras na bothaig agus cromag a bata, a bh'aice na sheasamh am beul na cruaiche-mònach, `s i a' tighinn le fàd no dhà fo a h-achlais `s a làmh anns an t-siaman.

Ged a bha balaich a' bhaile math dhi, bhiodh iad a' tarraing aiste, `s rinn iad amhran air mar bha i a' dol a phòsadh, rud nach tachradh gu bràth. Bha facail ùr aca gan dèanamh mun bhoghaig: `s e an 'samhradh' a bh'aca air a leabaidh agus a' 'bheochrum' air a' chùil anns an robh i. `S bhiodh i fhèin ag radh mu na balaich: 'Chroch iad an cat dubh air an t-srabhlaidh gus an saoilinn gur e samhla duine bh'ann.'

Cha do dhìochuimhnich Fionnlagh MacLeòid a-riamh i. `S ann an doca-mhorghain Gormshuil an Rìgh a tharmaich an sgeulachd seo, `s à sin à baile àraich chaidh i air iteig.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Gormshuil an Rìgh

  • £8.99


Related Products

Dìomhanas

Dìomhanas

Clàr, 2008. 200 duilleag. Thathar eòlach air Fionnlagh ma..

£8.99

An Sgoil Dhubh

An Sgoil Dhubh

Acair, 2014.  190 duilleag. Tha an Rìgh marbh, na Dra..

£9.99

Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Leodhas, Fantasachd

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: