Gairm, 1990. 90 duilleag.
Seumas Ruairidh agus Ruairidh Sheumais.
Tha an nobhail seo a' toirt iomradh air iasgadh thairis air trì ginealaich o dheireadh an 19mh linn. 'S ann ann an Grabhair, ceann a deas na Loch ann an Leòdhas, a tha an sgeulachd air a stèidheachadh.
Ro-ràdh (leis an ùghdar fhèin)
'S e sgeulachd eachdraidheil a tha seo, mu bheatha iasgair, ann an bàta siùil an toiseach, agus an dèidh sin an tè de bhàtaichean an fhicheadeamh linn. Tha duine no dhithis an eachdraidh a bha beò da-rìribh, agus rinn mi an còrr an àirde, mar shamhla air a h-uile iasgair a bha ris an obair.
Is ann bhom athair a chuala mi cuid de na sgeulachdan anns an leabhar.