Clàr, 2008. 200 duilleag.
Thathar eòlach air Fionnlagh mar sgrìobhadair dhealbhan-cluiche, no mar fhear-eachdraidh, eadar sgrìobhadh is craoladh, is ùidh aige an iomadh taobh dhen dualchas. Ach ged a chòrd ‘An Cluaisean’ ri daoine anns na 60an, cha robh Fionnlagh cho aithnichte mar fhear sgeulachdan.
Mura robh, bithidh tuilleadh. Nochd grunn ann an Gath, ach seo a-nis làn-chruinneachadh. Is abair cruinneachadh: ceithir sgeulachd thar fhichead ann an cainnt bhrìoghmhor, sgaiteach, shiùbhlach, a’ falbh o amannan o chian chun an là a-màireach, cuid drùidhteach le bàs no fulang, feadhainn eile aotrom no aoireil.
Cha bhi Cùil Lodair no Mac an t-Srònaich a-chaoidh mar a bha às dèidh seo. Dithis ann an ‘Còmhla’ a’ siubhal tro linntean mòra a dh’fhalbh; coigrich anns ‘An Dachaigh’ air tighinn a sgìre nach aithne dhaibh, is a thiamhaidheachd fhèin an cois sin; is an tè a ghluais a dh’Inbhir Nis riaraichte le beatha cho furasta. Creideamh: grunn thionndaidhean air a’ chuspair sin. Mothachadh air cor bhoireannach. Saoghal nan innealan a tha romhainn, is an Cluaisean fhèin a’ nochdadh a-rithist. Ach gach tè, os cionn gach rud, na deagh sgeulachd, càilear is tarraingeach.
Related Products
Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar & CD
Clàr, 2004. 144 duilleag. Cruinneachadh sgeulachdan a th' aga..
£18.99
Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Sgeulachdan goirid