Clàr, 2009. 203 duilleag.
Anns an dorchadas tha caileag fhiadhaich a chaidh àrach le madaidhean-allaidh na laighe, a’ feitheamh air cunnart nach eil fad’ air falbh. Ann an oifis pàipeir-naidheachd tha sgrìobhadair a’ feuchainn ri rèiteachadh a dhèanamh eadar eachdraidh phearsanta is cùisean mòra an t-saoghail, rud nach eil furasta dhi. Air sràid an Dùn Èideann chì tè bheusach chràbhach rud a chuireas uabhas oirre – am bi buaidh aige air a beatha? Agus aig taisbeanadh ealain tha seann bhoireannach ga h-aithneachadh fhèin ann an dealbh bho h-òige. Dìreach ceithir seallaidhean à dusan sgeulachd a tha a’ toirt leotha sgrìob air leth farsaing am measg caochladh sheòrsachan beatha is suidheachaidh.
Ach, mar a thuigeas an tè-naidheachd, tha cuid de rudan nach gabh innse gu furasta, is uaireannan tha e nas fhasa gun càil idir a ràdh. Agus is iad na rudan nach aidich daoine – air adhbharan foill, dìth misneachd no nàire – a tha glè thric aig bonn gnothaich an seo. Tha sinne gam fiosrachadh còmhla riutha, ge-tà, is cuiridh iad smaoin oirnn – agus, mar a thachras le fìor obair-ealain sam bith, bheir sin tlachd is toil-inntinn dhuinn.
Leugh lèirmheasan air an leabhar seo bho The Scottish Review of Books, GoodReads agus The Scotsman
Related Products
A' Ghlainne agus Sgeulachdan Eile
Clàr, 2010. 71 duilleag. Cruinneachadh sgeulachdan de gach seò..
£6.99
Am Balach Beag a dh'Èisteadh aig Dorsan
190 duilleag. Luath Press, 2018 Tha an t-eilean làn de sgeulac..
£8.99
Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Sgeulachdan goirid,