Clàr, 2007. 238 duilleag.
Cò leis a tha taigh? Dìreach leis an neach mu dheireadh a cheannaich e, no a bheil còraichean eile ann? Is dualchas - cò leis a tha dualchas? Le muinntir àite a-mhàin, no am faod feadhainn eile sealbh a ghabhail air? Is a bheil dualchas nan Gàidheal cho eadar-dhealiachte ri iomadh dualchas eile, no dad nas prìseile?
Sin cuid dhe na tha fa chomhair na nobhail seo. Am meadhan gnothaich tha an taigh, seann taigh a thathar a' fuireach ann fhathast. Ach tha an fheadhainn a th' ann glè eadar-dhealaichte ris an fheadhainn a dh'fhalbh. Deagh shamhla air na thàinig de dh'atharrachadh air a' Ghàidhealtachd, ach aig a' cheart àm tha muinntir an taighe nan daoine, le fuil is feòil is am beatha fhèin, agus tha an t-ùghdar gu h-ealanta a' ceangal mar a thachras dhaibhsan ri eachdraidh fhior eileanan beaga Earra-Ghàidheal, eileanan na sglèata. 'S e colmadh ùidheil a th' ann, agus 's dòcha gun cuir crìoch na sgeulachd iongnadh oirnn. Ach cha chuir am mac-meanmna is am beairteas cainnt - tha sinn cleachdte riutha sin ann an leabhraichean Aonghais Phàdraig.
"An te as fheàrr"
Raghnall MacilleDhuibh, The Scotsman - 9 an t-Ògmhios 2007 (Leugh an lèirmheas air fad)
"Is math as t-fhiach a leughadh ..."
An t-Ollamh Uilleam MacGill'Iosa - Oilthigh Dhùn Eideann
"... fialaidh agus foghainteach"
Michael Newton, University of North Carolina
An Taigh-Samhraidh
- Le: Aonghas Pàdraig Caimbeul
- Còd a' bhathar: 9781900901291
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£8.99
Related Products
Là a' Dèanamh Sgèil Do Là - Leabhar & CD
Clàr, 2004. 238 duilleag. Nobhail chumhachdail eile bho A..
£18.99
Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Dualchas, Earra-ghaidheal