Na Klondykers

Clàr, 2005.285 duilleag.

1989. An 'Cogadh Fuar' aig àirde. Agus a-mach bho bhaile beag Gàidhealach tha cabhlach iongantach: ceudan de bhàtaichean-iasgaich Ruiseanach. Iad air tòir an rionnaich, is iarraidh air a-nis mar a bh'air an sgadan fhèin. Tha a' bhuil air a' bhaile: tha an t-airgead pailt, caviar ri fhaighinn sna taighean-òsta, Pravda sna bùithtean.

Buinidh Dòmhnall is Iain a bhràthair dhan àite, is tha iad ag iarraidh an cuid fhèin às na tha seo. Tha iadsan ag iasgach leis an Dawn Rose còmhla rin caraid John D.

Tha an cuan caochlaideach co-dhiù, ach tha trioblaidean eile aca cuideachd: gnothaichean teaghlaich, còmhstri eadar na coigrich is muinntir a' bhaile, agus na thachras an cois pailteas airgid. Aig a' cheart àm, tha cothroman ann: air fearas-chuideachd, air òl, ceòl, danns - is suirghe.

Tha an t-ùghdar gar toirt a-steach a theis-meadhan a' bhaile, a theis-meadhan an teaghlaich, len duilgheadas is len toileachas. Gheibh sinn eòlas air na Ruiseanaich cuideachd, agus à coinneachadh an dà choimhearsnachd tha sgeulachd a' tighinn a tha brìoghmhor is siùbhlach, is a ghleidheas sinn fada nar cuimhne.

Guth ur ann an rosg na Gaidhlig - cumhachdach agus comasach
Aonghas Dubh MacNeacail

Ri fhaighinn cuideachd mar leabhar-èisteachd

Leugh lèirmheas bho The Scottish Review of Books

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Na Klondykers

  • £8.99


Related Products

Am Bounty

Am Bounty

Clàr, 2008. 204 duilleag. Bho monaidhean Leòdhais gu trài..

£8.99

Ìmpireachd

Ìmpireachd

Clàr, 2010. 172 duilleag. Thug athair Thormoid an rathad mòr ..

£8.99

A' Sireadh an Sgadain

A' Sireadh an Sgadain

Gairm, 1990. 90 duilleag. Seumas Ruairidh agus Ruairidh ..

£5.40

Seonaidh Mòr

Seonaidh Mòr

Gairm, 1993. 57 duilleag. Nobhail goirid a tha air a stè..

£4.95

An Sgoil Dhubh

An Sgoil Dhubh

Acair, 2014.  190 duilleag. Tha an Rìgh marbh, na Dra..

£9.99

Na Klondykers - Leabhar-èisteachd

Na Klondykers - Leabhar-èisteachd

Clàr, 2005. 1989. An 'Cogadh Fuar' aig àirde. Agus a-mach..

£10.00

Dìoghaltas

Dìoghaltas

Acair, 2017. 158 duilleag Sreath mhurtan air Eilean Leòdhais ’..

£11.99

An Taistealach

An Taistealach

Sandstone Press, 2017. 67 duilleagIs e an Taistealach an tè mu dh..

£7.99

Tagaichean: Ficsean, Ur-sgeul, Ficsean Eachdraidheal, Cogadh Fuar, An Ruis, Seoladh, Iasgach

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: