Clàr, 2011. 174 duilleag.
Seo an treas leabhar san t-sreath de thrì a thòisich le Dìleas Donn agus a lean le Taingeil Toilichte. 'S ann mun aon teaghlach a tha an trì-leabhar air fad.
Tha am beatha a' gabhail romhpa am broinn an teaghlaich, a tha fhathast a' strì ri gaol, creideamh, cianalas, bròn, toileachas agus mì-chinnt, agus tha an t-ùghdar a' toirt na sgeòil air adhart ann an dòigh làidir, ealanta.
Ged a tha beatha nan caractaran gu math toinnte, tha modh-innse an ùghdair a' fosgladh na slighe dhan leughadair a thighinn a bhroinn an teaghlaich agus tuigse dha fhèin a thogail air a crannchur.
'S e nì tarraingeach a th' ann a bhith a' leantainn cunntas-teaghlaich air a lìbhrigeadh thairis air trì leabhraichean mar seo – gach leabhar ag innse a thaobh fhèin dhen sgeulachd.