Macdonald Publishers, 1981. 88 duilleag.
Tha aon teaghlach a' ceangal ri chèile an dà eachdraidh a gheibhear anns an leabhar seo agus aon duine às an teaghlach sin gu h-àraidh – Aonghas Mac-a-Phì, iasgair às an Eilean Sgitheanach, seanair an fhir a sgrìobh an leabhar. Cha robh anns an t-seanair ach balach òg nuair a thachair an tubaist ghoirt ann an 1889, ach thàr e às, agus bha e na bhodach tapaidh nuair a thàinig am bàta mòr air tìr ann an 1943. Tha an t-ogha a-nis ag aithris na thachair. Ach chan e sin a-mhàin, air innse le blàths is beagan fealla-dhà, ach mòran air mar a bha crannchur is dòigh-beatha nan Sgiathanach aig an àm.
Related Products
An Nathair le Dà Shùil Dhearg
Acair, 2018. 210 duilleag Tha Mairead airson droch phòsadh a c..
£11.99
Tagaichean: Cunnartan Cuain