Wayland/PRG, 1997. 45 duilleag, còmhdach cruaidh.
Eadar-theangaichte le Catrìona Mhoireach.
Dh'atharraich linn Bhictoria dòigh-beatha Alba gu tur. Dh'fhàs bailtean mòra nuair a sgaoil An Tionndadh Gnìomhachais gu luath air feadh na dùthcha. Bha barrachd is barrachd a' dol a dh'obair dha na muilnean, dha na mèinnean guail is iarainn agus dha na gàrraidhean iarainn. Air a' Ghàidhealtachd, chuir na h-uachdarain daoine far an fhearainn `s chaidh iad a bhailtean iasgaich air a' chladach, dha na bailtean mòra no a-null thairis.
Thèid againn air ionnsachadh mu Alba ri linn Bhictoria tro bhogsaichean fiosrachaidh, o dhealbhan agus o earrainnean à sgrìobhaidhean ainmeail a bhuineas don àm.
Tagaichean: Alba Ri Linn Bhictoria