Acair, 2012. 64 duilleag.

‘S e Maraiche nan Cuantan aon de na h-òrain is ainmeil ann an cultar Gàidhlig cò-aimsireil na h-Alba, agus chaidh a sgrìobhadh le Flòraidh NicPhàil a’ Tioradh.
A-nis, airson a chiad turas ann an clò, gheibh luchd-leughaidh an cothrom tàlantan Fhlòraidh fhaicinn dhaibh fhèin san cruinneachadh bàrdachd grinn seo, le tionndaidhean na dàin air an dèanamh leis a’ bhàrd.
Ged a bha Flòraidh gu math tric air a brosnachadh leis na daoine aice fhèin ‘s an àrainneachd a bha mun cuairt oirre – thèid aig daoine bho air feadh an t-saoghail tuigsinn faireachdain a bhàrd.
‘S ann bho dealbh a pheant piuthar Fhlòraidh a thàinig còmhdach an leabhar. Tha barrachd dha na dealbhan aice ri ‘m faicinn san leabhar, a bharrachd air dealbhan teaghlaich.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Maraiche nan Cuantan

  • £6.00


Tagaichean: Maraiche nan Cuantan