Acair, 1993. 264 duilleag.
Eadar-theangachadh le Seonag M NicDhòmhnaill.
Tha athair agus màthair Anna air dealachadh agus tha i a' dol a dh'Inbhir Ghàir a dh' fhuireach còmhla ri Siùsaidh, an t-seann nanaidh a bh' aig a màthair. Tha Siùsaidh agus Art, a bràthair, a' coimhead as dèidh an Taigh-Faire - togalach far am bi Buidheann Teasairginn Inbhir Ghàir a' coinneachadh bho bhàtaichean a chaidh air na creagan.
Tha Anna a' gabhail ùidh anns an Taigh-Faire, ach tha rudan neònach a' tachairt. Tha Anna agus a caraidean, Timmo agus Pat, a' feuchdainn ri ciall a thoirt às na tha a' tachairt. Cò tha a' sgrìobhadh anns an dust? Carson a tha modail an taigh-sholais a' plapail an dèidh dhi a chur dheth?
Agus an claigeann anns a' phreas ghlainne...
Tagaichean: An Taigh-Faire