Acair, 2005. 128 duilleag.
`S e fìor ulaidh a tha san leabhar seo, loma-làn de dh'fhiosrachadh air iasgach agus aimsir, mar a bha cuimhne aig an ùghdar orra aig deireadh na 19mh linn agus toiseach na 20mh linn. Tha na dealbhan aige fhèin air am fighe a-steach an lùib an teacsa le sgil agus dùrachd, a' toirt dhuinn leabhar air am bi meas fad iomadh bliadhna, chan ann a-mhàin sna h-Eileanan ach ann an coimhearsnachdan sam bith a tha a' toirt am bith-beò às a' chuan.
Related Products
Tagaichean: Muir is Tir