• An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile

Acair, 2019. 113 duilleag.

Seo a’ chiad chruinneachadh sgeulachdan do dh’inbhich bho sgrìobhadair a tha air a comasan a dheagh dhearbhadh a-cheana ann am ficsean na h-òigridh.

Coinnichidh sinn ri sgaoilteach mhath charactaran is iad mu choinneamh shuidheachaidhean – nàdarra is os-nàdarra – a bheir orra fhèin is oirnne ceistean fhaighneachd mu cheartas is fìrinn. Cò aig nach biodh co-fhaireachadh ri Peigi san dachaigh-chùraim is cò againn a chaill barrachd na foighidinn aig àm na Nollaige? Saoil an do dh’fhiosraich no an do dh’inns sinn rud riamh nach creideadh càch, a-muigh no a-mach, ACH…?

Tha na cuspairean seo air an cur far comhair gu snasail le Mòrag Anna NicNèill tro ghuthan làidir, tarraingeach agus ann an Gàidhlig ghrinn bhlasta. Bheir iad tlachd do shean is òg; ’s ann a bhios miann agaibh air tuilleadh. – Màrtainn Mac an t-Saoir

Pàirt de sreath Aiteal.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile

  • £11.99


Related Products

Cuibhle an Fhortain

Cuibhle an Fhortain

Luath Press. 192 duilleagan. An Dàn caochladach, dìomhair..

£7.99