Clò a' Bhradain, 2019. 62 duilleag
Anns a' chiad chruinneachadh bàrdachd Ghàidhlig bho Chalum L. MacLeòid, ùghdar an nobhail A' Togail an t-Srùbain, tha na dàin gar toirt bho Phlateau Mont-Royal ann am Montréal, Canada, gu cladach a' Chluaidh ann an Glaschu. Am measg nan cuspairean tha cultar bailteil agus cruth-tìre ann an Canada is Alba, measaidhean air dàimhean soirbheachail agus fàilligeach, beatha fhalaichte nan nithean làitheil, agus beatha mar eilthireach is mar Ghàidheal air eadar-mheadhanachadh tron eadar-lìon.
Tha Calum gar toirt gu siùbhlach agus gu h-eireachdail bho Alba gu sràidean Mhontreal agus Thoronto le iomadh car is cuairt, agus iomadach cuspair air a thogail, air an t-slighe. Tha a' chainnt eirmseach agus beachdail, gràdhach agus poilitigeach, cuid dhe na dàin stèidhte san traidisean bhàrdail Ghàidhealach agus cuid eile cho ùr-nòsach a thaobh cainnt agus stoidhle ri dàn ann an cànan sam bith. Tha ceòl na cainnt a' sruthadh bhon bhàrdachd aig Calum.
Gillebrìde MacIlleMhaoil
Tha mac-meanmna MhicLeòid a' siubhal thairis air machraichean 's eachdraidh na h-Alba, àrd-shràidean 's oiseanan an t-saoghail mhòir (gu h-àraidh Canada), agus ìomhaighean 's cleasan an eadar-lìn gus còd no ceòl no stiùireadh a lorg a nì ciall dhen t-saoghal timcheall oirnn. Bàrdachd shùbailte, gheur agus spòrsail a tha seo, guth a tha ùr, siùbhlach agus cudromach.
Pàdraig MacAoidh
Bhon Phlateau dhan a' Chladach
- Le: Calum L. MacLeòid
- Còd a' bhathar: 9781988747279
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£9.99