Luath Press, 2018. 167 duilleag
Tha bràiste òir luach nam mìltean mòra air a dhol à sealladh à Caisteal Chiosamuil am Barraigh. 'S ann air Constabal Murdo (Murdo Mhurchaidh 'ic Mhurchaidh Bhig bhon a' Bhac) a tha uallach faighinn a-mach cò dh'fhalbh leatha.
Tha seachdnar fo amharas aige. Ach chan e amharas fianais. Mar a tha an seanfhacal ga chur, 'Is fheàrr tomhas na tuairmse.'
Anns an sgeulachd ealanta aoibhneach seo, làn de gheur-chainnt is aotromas, tha iomadh tionndadh. Sgiorradh iongantach an cuideachd leithid Mhìcheil Iain, Dr Lucy, Sergio agus Murdo fhèin. Tha na thachair, agus na caractaran beothail a tha fo amharas, gar tàladh a-steach còmhla ri Constabal Murdo gu meadhan na dìomhaireachd.
Saoil cò rinn e, agus carson?