CLÀR, 2018. 118 duilleag
Seo an treas cruinneachadh de sgeulachdan goirid bho Dhonnchadh MacGillIosa.
Tha cuid de na sgeulachdan air an suidheachadh ann an Nis, is a' chainnt a tha a' toirt dealbh air a' choimhearsnachd gu h-àraid làidir, mar gum biodh an sgrìobhadair beò an lùib nan caractaran air a' mhòintich, am broinn an taighean, a-muigh air an rathad. Tha sgeulachd no dhà eile gar toirt a dh'àrainneachd nas annasaiche.
Tha an cruinneachadh ùr seo siùbhlach agus brìoghmhor, mar a bhiomaid an dùil.
An Còta Dathach agus Deich Sgeulachdan Eile
- Le: Donnchadh MacGillIosa
- Còd a' bhathar: 9781900901932
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£9.99
Related Products
Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile
Clàr, 2013. 246 duilleag. Seo an dàrna cruinneachadh sgeulachd..
£9.99
Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar-èisteachd
Clàr, 2004. Cruinneachadh sgeulachdan a th' againn an seo,..
£10.00