Seòras Ruadh agus Barabal
  • Seòras Ruadh agus Barabal

Acair, 2018. 121 duilleag

Nuair a tha Barabal a' gluasad gu dachaigh eile, chan eil i a' faireachdainn ach brònach is aonranach, oir tha a pàrantan daonnan ag argamaid agus chan aithne dhi duine anns a' bhaile ùr. Tha cùisean ag atharrachadh gu luath nuair a tha i a' coinneachadh ri cat annasach aig a bheil cumhachdan mì-nàdarra...

Chan fhada gus a bheil a beatha gu math nas inntinniche agus Seòras Ruadh ga toirt leis air cuairtean seunta gu àiteachan iongantach, far a bheil iad a' coinneachadh ri iomadh caractar a tha a cheart cho mìorbhaileach ris a' chat ruadh fhèin...


"Gàidhlig sgoinneil, caractaran sgairteil, sgeulachdan sgaiteach...agus èibhinn!"
Iain Urchardan

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Seòras Ruadh agus Barabal

  • £6.95


A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: