Òrain Ìleach
  • Òrain Ìleach

Acair, 2017

Òrain Ghàidhlig à Ìle (le ceòl & eadar-theangachadh)

Anns an leabhar seo gheibhear òrain a tha cur an cèill spiorad Gàidhlig Ìle tro eachdraidh, dualchas agus àrainneachd phrìseil an eilein. Thàinig an leabhar gu buil tro phròiseactan ionadail far an do cho-obraich coimhearsnachdan le bhith cruinneachadh òrain de gach seòrsa - cuid air an robh mu thràth deagh aithne agus cuid eile nach deach a-riamh an clò. A thuilleadh air an sin chaidh ath-nuadhachadh a dhèanamh air pìosan bàrdachd traidiseanta le bhith cur ceòl às ùr riutha. Tha an leabhar air a chur ri chèile gu gasta le ìomhaighean fìor àlainn den eilean agus air a dhealbh gu grinn airson luchd-ciùil a bhith ga chleachdadh. Tha eadar-theangachadh cuideachail an cois gach òran.

Leabhar a dh'fheumar fhaighinn ma tha ùidh idir agad ann an òrain à Ìle.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Òrain Ìleach

  • £15.00


A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: