Sgeulachdan Aràbianach
  • Sgeulachdan Aràbianach

Akerbeltz, 2017. 703 pages (hardback)

Sgeulachdan nam mìle oidhche ’s a h-aon

Can “Fosgail, a sheasamain” agus fiosraich mar a thachair do dh’Alì Bàbà san uaimh agus mar a chuir an tè as glice san t-saoghal às don dà fhichead mhèirleach. Leugh an uairsin mar a dh’èirich do Shindbàd air a sheachd tursan-cuain agus mar a theich e à ceud cunnart le a bheatha aig a’ cheann thall. Agus cuir an uairsin eòlas air a’ chorr de na sgeulachdan air nach eil sinn cho eòlach ach a tha a cheart cho annasach is tlachdmhor.

Tha e trì ceud bliadhna on a chuir Antoine Galland crìoch air Les mille et une nuits ann an 1717, a’ chiad eadar-theangachadh dhe na sgeulachdan seo ann an cànan na Roinn Eòrpa. Tha sinn anabarrach toilichte na sgeulachdan uile a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig a thoirt cruinn san aon leabhar airson a’ chiad turas a-riamh aig a’ cheann-bhliadhna seo fhèin.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Sgeulachdan Aràbianach

  • £38.00


A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: