A' Togail an t-Srùbain

CLÀR, 2017. 204 pages

"Thill e gun cheum, gun dreuchd is gun sgillinn ruadh."

Tha Daibhidh ann an staing. Às dèidh dha beagan a chosnadh san Eilean le bhith a' togail shrùban air an Tràigh Bhàin, thèid a bheatha troimhe chèile nuair a lorgas e corp anns an fheamhainn, corp air nach robh sgeul nuair a dhùisg Daibhidh às an laigse dhan do thuit e.

Tha e air a bhuaireadh le smuaintean draghail nach fhaigh e às a cheann agus nì e oidhirp faighinn a-mach cò an neach a bha bàthte air an tràigh. Carson a tha daoine a chuala Daibhidh san taigh-sheinnse a' bruidhinn ann an dòigh cho suarach mu imrich, na 'tràillean' mar a bh' aig feadhainn orra? Carson nach do rinn na poilis barrachd gus an corp a lorg?

Ceistean, ceistean, a' cur dragh air Daibhid, ceistean mu chultar a dhùthaich fhèin, ceistean a bheir a-null thairis e ann an oidhirp fuasgladh air choreigin fhaighinn. Cuiridh a' chiad nobhail aig Calum MacLeòid - stòiridh ioma-fhillte - mòran cheistean oirnne cuideachd.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

A' Togail an t-Srùbain

  • £9.99


Related Products

Air a Thòir

Air a Thòir

Clàr, 2011. 360 duilleag. Nuair a bha e a' tionndadh làmh ..

£8.99

Feur Buidhe an t-Samhraidh

Feur Buidhe an t-Samhraidh

Sandstone Press, 2014.  73 duilleag. B' e seo an coth..

£7.99

An Làmh a Bheir

An Làmh a Bheir

Sandstone Press, 2016.  71 duilleag. Tha e an ceann a..

£7.99

A' Choille Fhiadhaich

A' Choille Fhiadhaich

Sandstone Press, 2017. 80 duilleagB' esan an caraid a bh' fheàrr ..

£7.99

Tagaichean: Ficsean, Diomhaireachd, Eucoir

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: