Clò Dhùnain, 2017. 56 duilleag
’S e coluadar a tha seo eadar dithis bhàrd, ann an Gàidhlig na h-Alba ’s na h-Èireann, aon dhiubh à Alba a tha a’ dèanamh a’ mhòr-chuid den sgrìobhadh aige ann an Gàidhlig agus bàrd Èireannach / Cuimreach a tha sgrìobhadh ann an grunn chànanan Eòrpach, nam measg Gaeilge, Cuimris agus Beurla. Tha eadar-theangachaidhean Beurla den Ghàidhlig ’s den Gaeilge, chan e bàrdachd as ùr sa Bheurla, air na duilleagan mu choinneamh na Gàidhlig / na Gaeilge.
Dh’èirich an conaltradh à còmhraidhean a bh’ aig an dithis bhàrd nuair a thadhail Diarmuid air Alba grunn uairean. Thàinig tinneas as an rathad air a’ chonaltradh agus tha seo ri fhaicinn gu ìre ann am Pàirt III, an earrainn air a bheil Intermezzo.
Tha seann traidisean Èireannach / Albannach ann de bhàrdachd far a bheil conaltradh eadar caractaran mar anns a’ chòmhradh eadar Oisean agus an Naomh Pàdraig anns na balantan meadhan-aoiseach a tha a’ tighinn fo an ainm, agus tha Deòrsa Mac Iain Dheòrsa a’ togail air seo san dàn aige ‘Ùrnaigh Oisein às Ùr’. Cho fad ’s as fhios dhuinn, ’s e An Dà Anam / In Two Minds a’ chiad choluadar bàrdail eadar dithis bhàrd Èireannach is Albannach san latha an-diugh.
Tha ceistean gan togail air dè as urrainn do neach a chreidsinn anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò. Tha Crìosdaidheachd a' nochdadh, ach cuideachd an saoghal às dèidh Crìosdaidheachd. Às a' chonaltradh a tha sin tha bàrdachd dhian, lasrach, ag èirigh.
An Dà Anam
- Le: Maoilios Caimbeul & Diarmuid Johnson
- Còd a' bhathar: 9781999739003
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£6.99