Sgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair

Acair, 2001. 126 duilleag.

Rugadh Dòmhnall Alasdair an 1919 an Garrabost, an sgìre an Rubha an Eilean Leòdhais, far an robh a dhachaigh airson trì fichead bliadhna mus do ghluais e a Steòrnabhagh.

Thàinig Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair a-mach an 1999. Bha leithid de dh'fhèill air an leabhar agus gun do dh'fhoillsich Acair an cruinneachadh seo de sgeulachdan goirid.

Tha na sgeulachdan mar a tha a' bhàrdachd - grinn agus ealanta. Tha iad air an snaigheadh teann, gun mòran leudachadh air facail, agus ceist no earball an cois gach tè. Tha e gad tharraing a-steach annta on fhìor thoiseach agus cha leig e às thug gus am freagair thu dhut fhèin a' cheist aig deireadh na sgeòil, no co-dhiù gus an smaoinich thu air brìgh nan sgeul.

Ged a tha smaoin dhomhainn an cois gach sgeòil, tha an sgrìobhadh anns a bheil an smaoin air a suidheachadh gu math èibhinn.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Sgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair

  • £6.99


Related Products

Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair

Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair

Acair, 1999. 128 duilleag. Anns a' chruinneachadh seo, a ..

£10.00

Caogad San Fhàsach

Caogad San Fhàsach

Acair, 2014.  348 duilleag. Cogadh, daoine (ann an ca..

£9.99

Sgeulachdan sa Chiaradh

Sgeulachdan sa Chiaradh

Acair, 2015.  138 duilleag. Èisdibh, mas àill leibh, ..

£9.99

Sa Bhùth 's An Tac An Teine

Sa Bhùth 's An Tac An Teine

Clàr, 2016. 144 duilleag Mar a tha Cairistìona ag ràdh aig..

£7.99

Tagaichean: Ficsean, Sgeulachdan Goirid, Leodhas

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: