Clàr, 2016. 144 duilleag
Mar a tha Cairistìona ag ràdh aig toiseach a' chruinnichidh seo, "bhiodh daoine de gach seòrsa às gach ceàrnaidh den sgìre a' tighinn còmhla" ann am bùth a pàrantan sa Bhac an Leòdhas. 'S e Oifis a' Phuist a bh' ann ach 's e "Port-oifis a Bhac" an t-ainm a bh' aca air agus nach e sin gu dearbh a bh' ann—port! Chuireadh iad seachad tìde ann "a' còmhradh ri chèile, a' cluinntinn nan naidheachdan 's a' toirt seachad fiosrachadh sam bith a bh' aca fhèin".
Mar sin, tha na 41 sgeulachdan beaga aotrom sa chruinneachadh seo—cuid dhiubh às na còmhraidhean sin—a' toirt dhuinn blasad ciatach de na bha a' tachairt san sgìre sna 60an agus na 70an. Gheibh sinn dealbh bhlàth de mhuinntir na coimhearsnachd seo.
"Mholainn an leabhar do dhuine sam bith a tha dèidheil air sgeulachdan beaga, socair. Bhiodh e glè mhath ri taobh na leap' - cha chùm e an cadal bhuat mar a nì cuid a leabhraichean eile...togaidh tu dòigh-beatha na sgìre agus eachdraidh teaghlaich às mar a thèid thu tro na sgeulachdan, ach tha na sgeulachdan fhèin aotrom agus inntinneach agus bheir an leabhar dhut toileachas - agus iomadh fiamh-ghàire neoichiontach."
Mòrag Stiùbhart (Lèirmheas ann an STEALL 02, dd. 49-51
Sa Bhùth 's An Tac An Teine
- Le: Cairistìona Stone
- Còd a' bhathar: 9781900901833
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£7.99
Related Products
Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile
Clàr, 2013. 246 duilleag. Seo an dàrna cruinneachadh sgeulachd..
£9.99
Sgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair
Acair, 2001. 126 duilleag.Rugadh Dòmhnall Alasdair an 1919 an Gar..
£6.99
Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar & CD
Clàr, 2004. 144 duilleag. Cruinneachadh sgeulachdan a th' aga..
£18.99
Tagaichean: Ficsean, Sgeulachdan goirid, Leodhas, Dualchas, Abhachdas