4 irisean de STEALL, an iris ùr, as dèidh a chèile. Sàbhailibh suas gu 20%! STEALL 01 ann an 2016. An uair sin, trì irisean eile: dà iris ann an 2017 agus iris eile an 2018. Bidh iris 01 ga phostadh thugaibh as dèidh 02 Samhain 2016.
SGRÌOBHADAIREAN STEALL 01
Tim Armstrong / Meg Bateman / Alasdair Caimbeul / Maoilios Caimbeul / Catrìona Lexy Chaimbeul / Emma Dymock / Daibhidh Eyre / Biddy Jenkinson / Alison Lang / Morag Law / Pàdraig Macaoidh / Crìsdean Macillebhàin / Ruairidh Macìomhair / Robbie Anndra Macleòid / Deborah Moffatt / Seonag Monk / Jane Nicleòid / Niall O’gallagher / Petra Poncarová / Màiri Rhind
Ann an iris a h-aon, gheibhear a' chiad chaibideil de nobhail ùr bho Tim Armstrong, a' togail air a' chiad nobhail aige, Air Cuan Dubh Drilseach; sgeulachdan goirid bho leithid Alasdair a' Bhocsair; bàrdachd bho Phàdraig MacAoidh agus Deborah Moffatt; sgrùdadh air grunn leabhraichean; aistidhean; agallamhan còmhla ri Crìsdean Whyte agus Catrìona Lexy Chaimbeul; agus tòrr a bharrachd.
Cuideachd, faodaidh sibh sìnteas fad-beatha fhaighinn bho STEALL fhèin - tuilleadh fiosrachaidh bhon fhoillsichear, CLÀR, aig clar.online
STEALL - 4 IRISEAN
- Còd a' bhathar: 9781900901888
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£30.00
Tagaichean: Gàidhlig