Sorley MacLean

AHRC Centre for Irish & Scottish Studies, University of Aberdeen; 2010. 175 duilleag.

B’ e Somhairle MacGill-Eain (1911-1996) am bàrd Gàidhlig a bu chliùitiche san 20mh linn. Fear de na sgrìobhadairean a bu chudromaiche ann an ath-bheòthachadh litreachas na h-Alba, choisinn e cliù mòr mar thoradh air na dàin gaoil aige, na dàin a sgrìobh e san Arm ann an Afraga rè an Dàrna Cogaidh, na dàin mu àite agus eachdraidh, agus an dàn fhada phoilitigeach, ‘An Cuilithionn’. Bithear a’ meas a’ chruinneachaidh, Dàin do Eimhir agus Dàin Eile, a nochd ann an 1943, mar an leabhar a bu chudromaiche a chaidh fhoilleachadh sa Ghàidhlig san linn mu dheireadh.

’S e a th’ anns an leabhar seo, ach a’ chiad sealladh le aon ùghdar a-mhàin sa Bheurla air saothair MhicGill-Eain. Tha e a’ cur bàrdachd MhicGill-Eain ann an co-theacsaichean bàrdail, poilitigeach is eachdraidheil agus tha e a’ toirt sùil gheur air na càirdeasan eadar a bhàrdachd agus traidiseanan Gàidhealach, litreachasan ann an cànanan eile agus gluasadan co-aimsireil ann am poilitigs is feallsanachd. Ann a bhith a’ cnuasachadh air saothair MhicGill-Eain air fad - agus ann a bhith a’ toirt sùil gheur air dàin fa leth, a bharrachd air dàin a tha co-cheangailte ri dàin eile - tha an leabhar seo a’ togail cheistean mu eadar-theangachadh agus sealbh cultarach ann an Alba an latha an-diugh, agus a’ nochdadh ciamar is carson a bhios saothair MhicGill-Eain ag ath-fhuaimneachadh fhathast.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Sorley MacLean

  • Le: Peter Mackay
  • Còd a' bhathar: 9781906108113
  • Ri làimh: Sa bhùth
  • £12.99


Related Products

An Leabhar Liath

An Leabhar Liath

Luath Press, 2016 Deasaichte le Pàdraig MacAoidh agus Iain..

£20.00

Tagaichean: Sorley MacLean

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: