Acair, 2016. 168 duilleag.

Anns an Ach Bhàn san Eilean Sgitheanach, bha beatha àbhaisteach aig Flòraidh Anna (11) agus aig a bràithrean Ailean (10) agus Eòghainn (10), a bha nan càraid. Ach aon latha thachair rud gu tur neo-àbhaisteach dhaibh! Chaidh iad uile ann an laigse agus dhùisg iad ann an tìr eile eadar beatha agus bàs far an do choinnich iad ri Eric Forbiser, iasgair a b' àbhaist a bhith a' fuireach faisg orra mus do bhàsaich e mìos air ais. Thuirt e riutha gum feumadh iad a dhol air turas cunnartach. Thug e dhaibh bata draoidheil, Lùbag, airson an cuideachadh agus chaidh iad air an slighe ...

Ficsean uirsgeulach do chloinn aig ceann shuas na bun-sgoile agus do dheugairean.

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

An Triùir agus Lùbag: Turas tro na Seachd Tìrean

  • £6.95


Tagaichean: An Triuir agus Lubag: Turas tro na Seachd Tirean