Clàr, 2016. 134 duilleag.
"Nan robh thu a' dol a sgrìobhadh gu cuideigin a bha na shaighdear sa Chiad Chogadh, dè chuireadh tu dhan litir?"
'S e sin a chaidh a ràdh ri daoine gus am brosnachadh na litrichean san leabhar seo a sgrìobhadh. Ghabh BBC Radio nan Gàidheal ùidh sa phròiseact agus chaidh litrichean bho chuid dhen luchd-èisteachd acasan a chraoladh. Tha na clàraidhean sin fhathast rin lorg air iPlayer a' BhBC.
Le na sgrìobhadairean - òg agus sean - gan cur fhèin ann an suidheachadh theaghlaichean a bha beò aig àm a' chogaidh sgriosail seo, fairichear an cùram cianail a bhiodh orra mu na saighdearan. Tha gach litir sònraichte, a rèir faireachdainn an sgrìobhadair.
Tha na litrichean air fad beò le gaol agus truas agus taing...Tha eòlas air foghlam, ceistean feallsanachd, smuaintean mac-meanmnach agus ultach de ghaol agus de thruas anns an stòras a tha seo, le caochladh theamaichean a' nochdadh thairis air na litrichean air fad.
Jane NicLeòid (lèirmheas ann an STEALL 01, dd.81-85)
Litir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm
- Còd a' bhathar: 9781900901826
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£9.99
Related Products
Dol Fodha na Grèine: Buaidh a' Chogaidh Mhòir - Nis gu Baile an Truiseil
Acair, 2014. 413 duilleag. Thairis air a' cheud bliadhna..
£19.99
Tagaichean: A' Chiad Chogadh, Litrichean, Eachdraidh