Ro Fhada san t-Suidheachadh Seo

Clàr, 2016.  128 duilleag. 

Bhuail gleoc Scarborough ceithir uairean. Sheall e ris, 's ris an uaireadair air cùl a dhùirn. "Tha e air thoiseach," thuirt mi. "Gleoc gun fheum. Chan eil e a' cumail na h-uair. Gleoc a thug Ceit m' antaidh dhachaigh bhon iasgach," thuirt mi.
"Dè tha thu dol a dhèanamh, Rocky? Coma leat dhen a' ghleoc."
"Dol a dh'fhalbh. Dè eile?
"Cà 'il thu dol?"
"Dol a theich às an diabhal àite seo. Làn thìd' agam."
"C' àite?"
"Uill...cò aig tha fios. Na Hearadh? Hiort?"
"Beiridh a' bhiast ort an sin cuideachd."
"Tierra del Fuego?"
"Na ceàrnaidhean as iomallaich, beiridh i ort. Air an rathad a ghabhas tu gus a seachnadh, coinnichidh i riut."
"Dè nì mi, a-rèist?"
"An rèite," thuirt e. "Mar as luaith', 's ann as fheàrr."

'S e Alasdair Caimbeul (Alasdair a' Bhocsair) fear de na sgrìobhadairean as fheàrr a th' againn ann an Gàidhlig sa latha an-diugh. A' tighinn as dèidh an nobhail mu dheireadh aige, Cuid a' Chorra-Ghrithich, tha e a' toirt dhuinn nobhail eibhinn, drùidhteach ùr. Air leth sgileil, le sùil gheur air gnothaichean.

**Chaidh an leabhar seo ainmeachadh mar Leabhar na Bliadhna aig Duais Dhòmhnaill Meek ann an 2015.**

A bharrachd air na cuspairean mòra troma a tha a' nochdadh anns an leabhar seo, tha spòrs gu leòr ri fhaighinn ann cuideachd. Bidh Caimbeul a' cluich le ìomhaighean, tachartasan agus le cànan, le gàire agus le fealla-dhà, a' magadh gu h-aotrom air saoghal na Gàidhlig mar a tha e an-diugh
Daibhidh Eyre (Lèirmheas ann an STEALL 01, dd.91-93)

Leugh lèirmheas air an leabhar seo le Comann Litreachais Ghlaschu

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Ro Fhada san t-Suidheachadh Seo

  • £9.99


Related Products

Sia Dealbhan-Cluiche

Sia Dealbhan-Cluiche

Clàr, 2011. 198 duilleag. Cruinneachadh de shia dealbhan-..

£9.99

Cuirm an Òir: Trì Dealbhan-Cluiche

Cuirm an Òir: Trì Dealbhan-Cluiche

Clàr, 2012. 104 duilleag. Cruinneachadh de 3 dealbhan-clu..

£6.99

Cuid a' Chorra-Ghrithich

Cuid a' Chorra-Ghrithich

Clàr, 2011. 114 duilleag. Nobhail ùr, beothail le ùghdar ..

£8.99

An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile

An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile

Clar, 2009. 254 duilleag. (Còmhdach cruaidh.) Aon sgeulach..

£16.00

Liontan Sgaoilte

Liontan Sgaoilte

Cànan, 1999. 123 duilleag. Cruinneachadh anns a bheil mea..

£8.95

Tagaichean: Ficsean, Abhachdas, Leodhas

A'chuairt-litir

* Post-d:

* Ainm:

* Sloinneadh: