• Sgeulachdan Eagalach Feagalach

Acair, 2008. 78 duilleag.

Bana-bhuidsich, sìthichean, troich, rìgh mosach agus bodach beag uaine – thig thu tarsaing orra uile anns na sgeulachdan goirid seo le Catrìona Lexy Chaimbeul.

Leugh mu dheidhinn Annabella àlainn a tha a’ saoilsinn mòran dhith fhèin ged a tha i gu math mì-mhodhail ri na sgoilearan eile nuair nach eil duin’ eile ga faicinn. Faigh a-mach mar a thug Peigi a’ char às an rìgh mosach agus saoil dè a thachair nuair a choinnich Seonaidh bodach beag uaine anns a’ choille?

Ma tha thu a’ smaoineachadh nach eil bana-bhuidsich agus troichean a’ nochdadh ach ann an uirsgeulan a-mhàin, bheir an leabhar seo ort d’ inntinn atharrachadh. Ma ’s toigh leat sgeulachdan annasach, eagalach còrdaidh an leabhar seo riut. Mura cuir na caractaran oillteil anns an leabhar seo an t-eagal ort, cuiridh mi geall gun cuir na dealbhan dorcha aig Johnny Stormonth-Darling gaoir tro d’ fheòil!

Sgrìobh lèirmheas

Clàraich a-steach no clàraich leinn airson lèirmheas a dhèanamh

Sgeulachdan Eagalach Feagalach

  • £8.00


Tagaichean: Sgeulachdan Eagalach Feagalach