Acair, 2015. 155 duilleag.
Ghlèidh an leabhar seo Duais Dhòmhnaill Meek airson Leabhar na Bliadhna ann an 2014.
Duine annasach a tha san Dosan, fear òg a tha a’ fàgail a dhachaigh ’s a’ sireadh beatha eile dha fhèin. Gheibh e sin, is thèid e na dhuine dèandach, trang, mòran a’ dol aige. Ach a bheil an saoghal ùr a tha e air a chruthachadh gu bhith na buadhairean dha? Tha sgeulachd am broinn sgeulachd an seo, is iad air leth tarraingeach. Saoil ciamar a chrìochnaicheas eachdraidh an Dosan?
Bha an sgrìobhadh aig Norma NicLeòid anns na trì nobhailean roimhe seo, Dileas Donn, Taingeil Toilichte agus Suthainn Sìor, cho èasgaidh agus saoirnsneil 's gu robh an leughadair a' faireachdainn cho comhfhurtail am broinn an leabhair 's a tha i fhèin. Choinnich dualchas ri nuadhas, 's gun càil idir fuadan na luib. Tha an dearbh choimeasgadh, 's e cheart cho coileanta, anns An Dosan.
Mark Wringe
"...tha beartas a cainnt an lùib stòiridh a tha a' gluasad cho nàdarra is cho luath 's gum bi aire an leughadair air an ath-cheum agus an ath-chaibideil agus dè tha an dàn dhan Dosan, agus mus bi fios aca bidh iad air deireadh an leabhair a ruighinn gun strì is leis an stòras Ghàidhlig aca air a lìonadh le gnàthsan-cainnt sùghmhor tarraingeach."
Alison Lang (lèirmheas ann an STEALL 01, dd.87-89)
Related Products
Tagaichean: Ficsean, Aiteal, Leodhas, Na Staitean Aonaichte