Adhartas na Hearadh Earranta, 2014. 197 duilleag.
Chan eil eilean eile cho beag ri Scalpaigh as an do dh'èirich uimhir de bhàrdachd. Buinidh a' chuid mhòr de na dh'fhuirich anns an dualchas don fhicheadamh ceud, mòran dhi a' tighinn o chianalas le bhith a' falbh chon an dàrna cogaidh. Glè thric that iondrain air leannanan ri linn a bhith a falbh, 's mar sin tha cianalas, moladh air an àite is gaol a' dol an luib a chèile anns na h-òrain. Bhiodhte ghan cluinntinn aig muir 's ann an taighean-cèilidh, agus aig bainnsean, agus 's math gun do mhair corra òran èibhinn a-measg an t-sluaigh cuideachd.
Related Products
Bàrd Chliuthair - A Bheatha agus A Bhàrdachd
Adhartas na Hearadh Earranta, 2014. 147 duilleag. Rinn Alasdai..
£10.00
Tagaichean: Bardachd Scalpaigh