Clàr, 2004.
Cruinneachadh sgeulachdan a th' againn an seo, ach tha n ah-aon phearsachan a' sìor nochdadh, is tha an leabhar coltach ri nobhail aig an aon àm.
'S e am fear a tha a' toirt ainm dhan leabhar as trice a chì sinn, agus chan ainneamh leis a bhith ann an suidhichidhean ùidheil is neo-àbhaisteach. Tha fear Dòmhnall Iain ann cuideachd, is leanaidh sinn a chùrsa-san tron leabhar, agus feadhainn annasach eile, gu h-àraid an Sgeilbheag ('s a bhrògan donna) 's an Sleapan. Mean air mhean, tha eachdraidh nan daoine sin ga nochdadh, agus 's ann a' sìor mheudachadh a tha an t-eòlas a th' againn orra fhèin is air an t-saoghal aca.
Tha an saoghal sin caochlaideach cuideachd: saoghal Nis a th' ann uaireannan, le cuan is mòinteach is buntàta is cailleachan is bàrdachd; uaireannan eile, 's e saoghal seunta, le prionnsaichean is draoidheachd is brògan a nì cainnt! Ach ge b' e air bith dè an suidheachadh, tha an sgrìobhadh brìoghmhor, siùbhlach, eirmseach. Bheir an leabhar seo an dà chuid gàire is smaoin oirnn.
Gheibhean an leabhar an seo
Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar-èisteachd
- Le: Donnchadh MacGillIosa
- Còd a' bhathar: 9781900901178
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£10.00
Related Products
Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile
Clàr, 2013. 246 duilleag. Seo an dàrna cruinneachadh sgeulachd..
£9.99
Gymnippers Diciadain - Leabhar-èisteachd
Clàr, 2006. Bha an leabhar seo air geàrr-liosta SALTIRE..
£10.00
Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar & CD
Clàr, 2004. 144 duilleag. Cruinneachadh sgeulachdan a th' aga..
£18.99
An Còta Dathach agus Deich Sgeulachdan Eile
CLÀR, 2018. 118 duilleag Seo an treas cruinneachadh de sgeulac..
£9.99
Tagaichean: Ficsean, Sgeulachdan goirid, Leabhar eisteachd