Clàr, 2005. 3 CDan.
Tha creutairean annasach a' tighinn a dh'Uibhist. Feadhainn dhiubh is itean orra, is feadhainn eile is gun cus orra (uaireannan) ach an craiceann!
Tha Donnchadh à Uibhist a Deas am beachd airgead mòr a dhèanamh orra. Le cuideachadh o Dhaibhidh òg MacÌosaig - a nì rud a bheir a mhothachadh bhuaithe. Dol-air-adhart a tha cianail. Dragh air an Uachdaran fhèin. Ach fuiricheadh sibhse: tha boireannach teòma sa Cheann a Tuath a dh'fheuchas ri gnothaichean a rèiteach. Gun teagamh, cha bhi e furasta, is gun fhios dè cho earbsach `s a bhios an ceatharnach a thig a-nuas ga cuideachadh...
Bhiodh e ’s docha doirbh an sgeul seo fhaicinn ag obrachadh fo laimh dhuine sam bith eile seach Tormod. Chan e mhain gu bheil a chomas air guthan eadar-dhealaichte thoirt beo, gus an cluinn sinn blas na sgire shonraichte bho gach pearsa tha san aithris, ach tha an t-ughdar fhein air lethid de shiubhal a dheanamh, chan ann amhain tromh chuiltean iomadach an t-saoghail ach tromh chuiltean na beatha. Agus tha a bhuil air an innse. Agus ma thuirt mi gu robh e mar shar sheanchaidh bho shean, nach e sin, ann a’ seagh, a tha air a bhi ann, air iomadh ard-urlar, thar nam bliadhnaichean. ’S docha nach bu choir dha bhi na chuis-iongnaidh dhuinn gu bheil e cho comasach air sgeul cho tarraingeach innse.
Aonghas Dubh MacNeacail
Dacha Mo Ghaoil - Leabhar-èisteachd
- Le: Tormod MacGill-Eain
- Còd a' bhathar: 9781900901239
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£10.00
Related Products
Gymnippers Diciadain - Leabhar-èisteachd
Clàr, 2006. Bha an leabhar seo air geàrr-liosta SALTIRE..
£10.00
Là a' Dèanamh Sgèil Do Là - Leabhar-èisteachd
Clàr, 2004. Nobhail chumhachdail eile bho Aonghas Pàdraig..
£10.00
Tocasaid 'Ain Tuirc - Leabhar-èisteachd
Clàr, 2004. Cruinneachadh sgeulachdan a th' againn an seo,..
£10.00
Na Klondykers - Leabhar-èisteachd
Clàr, 2005. 1989. An 'Cogadh Fuar' aig àirde. Agus a-mach..
£10.00
Tagaichean: Ficsean, Abhachdas, Leabhraichean-eisteachd