Clàr, 2003.
Saltire Society FIRST BOOK OF THE YEAR 2003.
Seo leabhar o sgrìobhadair òg, ùr, is raon farsaing ga ghabhail a-staigh anns na h-ochd sgeulachdan deug - ann an tìm, ann an àiteachan agus ann an caitheamh-beatha.
On t-saighdear a' falbh dhan Chogadh Mhòr sa chiad sgeulachd gu saoghal nam fònaichean-laimhe anns an tè mu dheireadh, gheibhear sealladh air mòran dhòighean-beatha, sean is ùr. Co-dhiù a tha iad an Aldershot, Uibhist a Deas, Glaschu, Nicaragua no ceàrnan eile, tha pearsachan nan sgeulachdan gan sealltainn le eagnaidheachd is co-fhaireachdainn - agus le fealla-dhà cuideachd.
Seo sgrìobhadair as urrainn a bhith an dà chuid drùidhteach is eirmseach, tro chumhachd a mhic-meanmna is a chomas san dà chànain. Gille beag air cheann-gnothaich duilich, Colina a' suirghe an Glaschu, Coinneach, Maighread is Brìd a' feuchainn ri ath-aithne fhaighinn air a chèile, is mòran eile - tha an eachdraidhean fhèin aca uile, is bheir iad fìor thlachd dhan leughadair.
Gheibhear an leabhar an seo
Ath-Aithne - Leabhar-èisteachd
- Le: Màrtainn Mac an t-Saoir
- Còd a' bhathar: 9781900901154
- Ri làimh: Sa bhùth
-
£16.00
Related Products
Gymnippers Diciadain - Leabhar-èisteachd
Clàr, 2006. Bha an leabhar seo air geàrr-liosta SALTIRE..
£10.00
Tagaichean: Ath-Aithne - Leabhar-eisteachd