Acair, 2014. 190 duilleag.
Tha an Rìgh marbh, na Draoidhean a-nis a’ riaghladh agus tha duine sam bith a bhruidhneas nan aghaidh a’ dol à sealladh gun sgeul orra tuilleadh. Tha eagal is mì-chinnt air an t-sluagh agus ainm ri chluinntinn nach cualas fad iomadach ginealach: An Sgoil Dhubh.
Air eilean beag iomallach tha duine òg, Sgàire, a’ tachairt air dithis strainnsear air a’ mhòintich; toiseach turais a tha ag atharrachadh a bheatha gu tur agus ga thoirt tro chunnart is tro chogadh air an t-slighe a bha an dàn dha linntean mus do rugadh e.
Tha Iain F. MacLeòid gar stiùireadh le sgil an fhìor-sgeulaiche feadh iomadh tìr is saoghal a tha ùr agus iongantach ach fhathast freumhaichte ann an draoidheachd is gaisgeachd nan seann uirsgeul.
Nach lìonmhor na saoghail a bheir Iain F. MacLeòid dha charactaran is dha sgeòil - feadhainn on latha an-dè cho math ri feadhainn nar latha fhìn: cuid eile ris nach suath mòran againn ach ann am bruadaran boillsgeach. Nì an sgrìobhadair seo uile le alt is faireachdainn agus le sàr-mhac-meanmna a ghlacas is a bhiathas miann an leughadair.
Màrtainn Mac an t-Saoir
Leugh lèirmheas air GoodReads
Related Products
Tagaichean: Ficsean, Aiteal, Fantasachd, Diomhaireachd